Sunday 6 June 2010

Fàilte

Seo blog a thòisich mi feuch gu faigheadh sinn cothrom fiosrachadh a thoirt dha chèile mu dheidhinn làraich-lìn feumail.

Ma thàinig thu tarsaing air làrach a bha feumail (nò làrach a bu chòir a sheachnadh!), innis dhuinn mu dheidhinn an seo. Puingean a dh'fhaodar ainmeachadh:
  • an gabh a chleachdadh le clas nò a bheil e airson tidsearan a-mhàin?

Wednesday 3 October 2007

ClipBank

Tha làrach aig Channel 4 far am faigh sibh piosan bhidio airson Eachdraidh, Gniomhachas agus Cruinn-eolas etc. Tha bhidio ann de Hiroshima, Martin Luther King, msaa.
http://www.channel4learning.net/sites/clipbank/index.html

Tha mi creidsinn gu bheil stuthan feumail air an làraich seo cuideachd:
http://www.channel4learning.com/

Monday 10 September 2007

Virtual Art Room

Thàinig mi tarsaing air seo an diugh: http://www.virtualartroom.com/ Tha tòrr rudan feumail air - fiù rudan a ghabhadh a chleachdadh le smartboard.

Monday 27 August 2007

Flickr

Ma tha sibh a' coimhead airson dealbhan, nach feuch sibh Flicker?


Chan eil agaibh ri cunntas a chruthachadh airson dealbhan a lorg. (Faodaidh sibh dealbhan a chleachdadh gun dragh mu dheidhinn còirichean mas ann airson foghlam a tha iad.)

Ma tha sibh airson dealbhan de na sgoilearan a shealltainn do na pàrantan, mar eisimpleir, seo dòigh soirbh air sin a dhèanamh. Feumaidh sibh cunntas a chruthachadh (chan eil e a' cosg dad).

An Duille Mòr - Wiki Gàidhlig

Ma tha sibh a' coimhead airson fiosrachaidh air cuspair sam bith, carson nach toir sibh sùil air An Duille Mòr

Wikipedia Gàidhlig

Thursday 16 August 2007

Assistive Technology Support Service

Promoting Inclusion through Teaching and Learning with ICT

Tha mi smaoineachadh gur e Roinn na Gaidhealtachd a tha a' dèanamh seo. 'S fhiach sùil a chumail air ...


http://atss.wordpress.com/

Friday 13 July 2007

Làraich eile le bhidio

http://www.helpfulvideo.com/

http://www.expertvillage.com/ (crafts glè mhath)

http://www.videojug.com/ (roinn mu dheidhinn sàbhailteacht agus tha sin math) (Ameireaganach)